TRANSLATED REPORT - Developing Gaelic Language within North Lanarkshire - Leasachadh Dealbhadh Gaidhlig ann an Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath
North Lanarkshire Council · 23 May 2023
Back to Education, Children and Families Committee — 23 May 2023 and its agenda
Text extracted from the council's PDF. Layout and reading order may differ from the original.
Page 1
Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath Aithisg Comataidh Cloinne is Foghlaim Am feum an aithisg seo aonta? ☒ Feumaidh ☐ Chan fheum Bho GMcL/JW Ceann- latha 23/05/23 Developing Gaelic Language within North Lanarkshire Leasachadh Dealbhadh Gàidhlig ann an Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath Bho Gerard McLaughlin, Àrd-oifigear (Foghlam – Tuath) Post-d McLaughlinG@northlan.gov.uk Fòn Geàrr-iomradh Luchd-gnìomha Tro lìbhrigeadh a’ Phlana Ghàidhlig (PG) tha dealas aig Siorrachd Lannraig a Tuath dèanamh cinnteach gum faigh a’ Ghàidhlig inbhe cho-ionann ris a' Bheurla mar chànan beothail an latha an-diugh. Tha a’ Ghàidhlig a’ toirt dhuinn sealladh eile den t-saoghal agus tuigse air ar n-eachdraidh is ar cultar agus dealbh nas soilleire air an àm ri teachd. Tha a’ Ghàidhlig luachmhor is cudromach dhuinn uile. Nì am pàipear seo ath-bhreithneachadh agus ùrachadh don Chomataidh Foghlaim agus Cloinne air a’ Phlana Ghàidhlig làithreach 2022-2027. Mar a chaidh a ràdh roimhe, tha buileachadh a’ phlana an urra ri modail maoineachaidh làidir, agus tha tuilleadh fiosrachaidh air cosgaisean is taic ionmhasail ri fhaighinn san aithisg. Nì am pàipear seo ath-bhreithneachadh agus ùrachadh don Chomataidh Foghlaim agus Cloinne air a’ Phlana Ghàidhlig làithreach 2022-2027, a’ toirt seachad fiosrachadh air àrd- mhiannan na seirbheis a thaobh am Plana Gàidhlig a lìbhrigeadh, ma tha maoineachadh ann agus maoineachadh freagarrach a’ tighinn bho Riaghaltas na h-Alba. Tron aithisg seo, tha iomradh sònraichte air ‘foghlam Gàidhlig’. Bithear a’ cleachdadh na h-abairt seo nuair a thathar a’ beachdachadh air cùisean a bhuineas an dà chuid do dh’Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLI). Tha Siorrachd Lannraig a Tuath air a bhith làidir a thaobh Foghlam Gàidhlig airson ùine mhòr. Chan ann a-mhàin ri dualchas a bhuineas a’ Ghàidhlig, tha i fhathast beò san latha an-diugh, air a cleachdadh le sgoilearan, coimhearsnachdan, pàrantan agus luchd- teagaisg. Mìnichidh an aithisg seo planaichean airson fàs le gealladh an tairgse a thaobh ionnsachadh na Gàidhlig a chur am meud do sgoilearan a bharrachd air dèanamh cinnteach gu bheil cothroman ann don choimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha am pàipear seo a’ mìneachadh nan ìrean co-thasgaidh a th’ ann an-dràsta ann an gnìomhachd Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, le Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath agus Riaghaltas na h-Alba agus am planadh ri teachd airson leasachadh a bharrachd a chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig.
Page 2
1. Cùl-fhiosrachadh 1.1 Eadar 1999-2002, bharrantaich Riaghaltas na h-Alba dà aithisg mun Ghàidhlig: Aithisg Mhic a' Phearsain agus Aithisg Meek. Thàinig na dhà gu co-dhùnaidhean ionann, gu sònraichte, cruthachadh Achd na Gàidhlig gus am moladh airson inbhe thèarainte don Ghàidhlig a thoirt gu buil mar a chaidh a mhìneachadh le CNAG (Comann na Gàidhlig 1997). 1.2 Mar fhreagairt do na h-aithisgean sin, stèidhich Riaghaltas na h-Alba Bòrd na Gàidhlig ann an 2002. Tha dleastanas air a’ Bhòrd leasachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus a mhaoineachadh, cuideachadh le cruthachadh Phlanaichean Gàidhlig agus gnìomhan a cho-òrdanachadh a bheir taic don Ghàidhlig. 1.3 Thòisich Achd na Gàidhlig (Alba) air 13mh Gearran 2006 agus stèidhich e Bòrd na Gàidhlig mar bhuidheann phoblach le uallach airson Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil aig a bheil an aon spèis ri Beurla ann an Alba. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 Aonta Rìoghail air 1 Ògmhios 2005. Tha an Achd a’ lìbhrigeadh frèam- obrach oifigeil do na h-oidhirpean gus cànan is cultar na Gàidhlig a ghleidheadh agus a chumail suas. Tha e an urra ri Bòrd na Gàidhlig, ann an com-pàirteachas le buidhnean eile, ullachaidhean na h-Achd a choileanadh. Tha ullachaidhean mu Fhoghlam Gàidhlig ann an Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 cuideachd. Tha iad sin a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur dleastanas air ùghdarrasan foghlaim gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG) agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (FLI) a chur air adhart agus taic a thoirt dhaibh. Còmhla ri Foghlam Alba, tha Bòrd na Gàidhlig a’ leasachadh stiùireadh air foghlam Gàidhlig agus leasachadh FMG fo Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba, msaa 2000. Molaidhean Thathar a’ moladh gum bi a’ Chomataidh Foghlaim, Cloinne agus Teaghlaichean: • A’ cur taic ri susbaint a’ phàipeir. • Ag ath-bhreithneachadh suidheachadh ionmhasail a’ phrògraim Ghàidhlig làithreach agus a’ beachdachadh air a’ bhuaidh air leasachadh a’ phrògraim san àm ri teachd. • Ag aontachadh ris na planaichean a thathar a' moladh airson leudachadh air Foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath, a bhios an urra ro maoineachadh freagarrach. • Ag aithneachadh na buaidh a th’ aig maoineachadh agus fastadh luchd-obrach air dealbhadh is lìbhrigeadh seirbheis. • Ag aithneachadh gun sgrìobh an t-seirbheis gu Riaghaltas na h-Alba airson tuilleadh cunntais a thoirt air na planaichean àrd-amasach againn airson FMG ann an Siorrachd Lannraig a Tuath a chaidh fhoillseachadh mar-thà anns a’ Phlana Ghàidhlig 2022-2027 ris an deach gabhail agus gus maoineachadh a bharrachd iarraidh airson taic a thoirt dha seo. Plana Shiorrachd Lannraig a Tuath Prìomhachas Leasaich bunait ghoireasan Shiorrachd Lannraig a Tuath Aithris miann (6) Àrdachadh coileanadh agus sgilean airson ionnsachadh, beatha, agus obair gus cur ri cothroman agus roghainnean
Page 3
1.4 An-dràsta, tha 16 de 32 ùghdarrasan ionadail a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa bhun-sgoil, faisg air ceithir deicheadan bho chaidh na ciad aonadan bun- sgoile a stèidheachadh ann an 1985 ann an Glaschu agus Inbhir Nis, le 24 sgoilearan. 1.5 A rèir Cunntas-sluaigh Sgoilearan Riaghaltas na h-Alba, tha 5066 sgoilear air an teagasg ann am FMG air feadh na h-Alba an-dràsta. San t-Samhain 2022, dh’fhoillsich Duolingo dàta ùr a’ nochdadh gu bheil 1.5 millean neach air tòiseachadh ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba air an app aca. B’ e cultar am prìomh adhbhar a thug daoine seachad airson a’ chànan ionnsachadh, le mòran ag iarraidh ceangal a dhèanamh ris an dualchas aca. (Sabhal Mòr Ostaig - uhi.ac.uk) 1.6 Chaidh an deasachadh mu dheireadh de Phlana Gàidhlig Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath aontachadh le Bòrd na Gàidhlig sa Ghearran 2022 agus fhoillseachadh air 22 Ògmhios. Tha e fiosraichte an dà chuid le Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23 agus am Plana airson Siorrachd Lannraig a Tuath a dhèanamh mar an t-àite as fheàrr ann an Alba airson fuireach, ionnsachadh, obair, tasgadh agus tadhal. 1.7 Tha cothrom aig Siorrachd Lannraig a Tuath, còmhla ri ùghdarrasan ionadail eile, air sruthan maoineachaidh nàiseanta mar bhunait airson Foghlam Gàidhlig leithid an Tabhartas Sònraichte Gàidhlig (GSG). Ach, sa chumantas chan eil na tabhartasan a tha rim faighinn a’ tabhann ach pàirt-mhaoineachadh agus chan eil iad a’ toirt taic do chosgais iomlan foghlam Gàidhlig, agus mar thoradh air sin tha barrachd chosgaisean bliadhnail air tighinn air an t-Seirbheis anns na bliadhnachan mu dheireadh gus na h- ìrean solair a th’ ann a chumail suas. 1.8 Tha solar Foghlam Gàidhlig Shiorrachd Lannraig a Tuath air a lìbhrigeadh tro fhoghlam luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, tha seo aig an ìre uile-choitcheann a tha a’ leantainn gu ionnsachadh aig an ìre a bharrachd a tha ann an Greenfaulds an-dràsta. ’S e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an tairgse aig ìre dhian, agus do luchd-ionnsachaidh taobh a-muigh suidheachaidhean sgoile tha an tairgse coimhearsnachd bho Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLD). 1.9 Tha solar Foghlam Gàidhlig Shiorrachd Lannraig a Tuath tro FMG a’ comharrachadh 25 bliadhna am-bliadhna. Chaidh solar FMG aig Bun-sgoil Chon-dobhrait fhosgladh ann an 1998. Tha solar FMG a-nis stèidhichte thairis air trì ionadan: Sgoil-àraich Tollbrae, Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Chon-dobhrait agus Àrd-sgoil Greenfaulds. Uile-choitcheann Ionnsachadh chànanan do chlann air fad, mar as trice air a thabhann tro 1+2. Taigse a bharrachd Ionnsachadh na Gàidhlig mar chuspair, airson sgoilearan nach eil an sàs ann am FMG Dian-ionnsachadh Solarachadh speisealaichte FMG Coimhearsnachd Cothroman Gàidhlig ionnsachadh taobh a- muigh foghlam foirmeil Foghlam Gàidhlig
Page 4
1.10 Bho dh’fhosgail solar FMG Chon-dobhrait ann an 1997, tha clàraidhean ann am P1 a’ sealltainn gu gun do thòisich 497 sgoilear ann uile gu lèir. Tha an graf gu h-ìosal a’ sealltainn nan clàraidhean aig P1 gach seisean acadaimigeach. 1.11 Tha FMG ann an Siorrachd Lannraig a Tuath air a chomharrachadh gu cunbhalach aig ìre nàiseanta, le Foghlam Alba agus tachartasan ionnsachaidh eile do dhaoine òga. Ann an 2018, bhuannaich Àrd-sgoil Greenfaulds Duais Foghlaim na h-Alba airson Foghlam Gàidhlig. Dh’aithnich seo dòighean na sgoile airson curraicealam na Gàidhlig a leasachadh. Bha Bun-sgoil Chon-dobhrait an uair sin san dàrna àite san aon duais ann an 2019. Bha Con-dobhrait cuideachd ga nochdadh ann an aithisg nàiseanta cuspaireil HMIe, a’ soilleireachadh nan dòighean-obrach a thathas a’ cleachdadh gus foghlam fhaighinn air ais bhon ghalar lèir-sgaoilte Covid19. 1.12 Tha an dà ionad gu gnìomhach a' sireadh dhòighean air sgilean cruthachail dhaoine òga a leasachadh tron Ghàidhlig agus chaidh seo aithneachadh aig tachartasan leithid Duaisean Young Scot agus am Mòd Nàiseanta. 1.13 Tha na h-àireamhan làithreach de dhaoine òga a tha nam pàirt de dh’ionnsachadh na Gàidhlig tro FMG air am mìneachadh gu h-ìosal, còmhla ris an àireamh de luchd- obrach a tha dhìth gus an solar seo a chumail an-àirde. Ionad Àireamh sgoilearan ann am Foghlam Gàidhlig Sgoil Àraich Tollbrae 13 Sgoil Àraich Chon-dobhrait 16 Bun-Sgoil Chon-dobhrait 150 Àrd-sgoil Greenfaulds 70 Luchd-obrach Foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a-Tuath Ionad Àireamh luchd-obrach (FTE) Bun-Sgoil Chon-dobhrait 10 Sgoil Àraich Chon-dobhrait 5 Sgoil Àraich Tollbrae 3 Àrd-sgoil Greenfaulds 7.6
Page 5
1.14 Aig na prìomh phuingean gluasaid airson seisean foghlaim 2023/24, tha cha mhòr a h- uile pàiste a’ gluasad taobh a-staigh FMG. Ionad An àireamh aig ìre eadar-ghluasaid Àireamh a’ gluasad taobh a-staigh FMG Àireamh/Adhbhar nach eileas a’ dol air adhart ann am FMG Sgoil Àraich Tollbrae 7 6 1 - air cur a-steach airson dàil air tòiseachadh Sgoil Àraich Chon- dobhrait 7 7 N/A Bun-sgoil Chon-dobhrait 21 20 1- A’ frithealadh sgoil phrìobhaideach 2. Aithisg 2.1 Tha an aithisg seo a’ togail air an aithisg a chaidh a chur fa chomhair na Comataidh sa Ghearran 2021 agus, a’ cleachdadh dòigh-obrach stèidhichte air fianais, tha i a’ feuchainn ri dèanamh cinnteach gun tèid am Plana Gàidhlig (ceangailte ann am Pàipear-taice 1) a thoirt air adhart an co-bhonn ris a’ phlana airson Siorrachd Lannraig a Tuath agus tro mhaoineachadh a th’ ann mar-thà. 2.2 Gus taic a chumail ris a’ mhiann cho-roinnte seo, tha lèirsinn dàna againn airson leudachadh ro-innleachdail air gnìomhachd cànan is cultar na Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath, a tha stèidhichte air tuigse mu na cothroman susbainteach a thig bho tasgadh sa Ghàidhlig. 2.3 Tha ceanglaichean air a bhith aig Siorrachd Lannraig a Tuath o chionn fhada ris a’ Choimhearsnachd Ghàidhlig san fharsaingeachd air feadh Meadhan na h-Alba, agus tha sinn dealasach a thaobh seo a neartachadh tuilleadh tro bhith a’ dèanamh cinnteach à inbhe cho-ionann don Ghàidhlig anns gach raon de ghnothaichean na comhairle, agus tro bhith a’ cruthachadh cheanglaichean nas làidire le ar coimhearsnachdan, agus ag obair le com-pàirtichean ann an ùghdarrasan faisg oirnn agus nas fhaide air falbh. 2.4 Tha sreath de phrìomh ghnìomhan a tha gu bhith air an lìbhrigeadh taobh a-staigh frèam-ama 5-bliadhna air am mìneachadh sa PhG. Tha na prìomh ghnìomhan fo na trì Prìomhachasan Nàiseanta: • A’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig • A’ cur ri ionnsachadh na Gàidhlig • A’ cur air adhart ìomhaigh adhartach den chànan 2.5 Thathas ag amas gun tèid cha mhòr a h-uile prìomh ghnìomh den PhG airson cur ri cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a lìbhrigeadh ann am bliadhna 1 agus 2. Is e Foghlam, Clann agus Teaghlaichean am prìomh raon seirbheis airson seo. Bidh luachadh bunaiteach do gach aon dhiubh agus nithear e le luchd-ùidh gus taic a thoirt do leasachadh, aithris agus tomhas buaidh san àm ri teachd. Tha an ìomhaigh gu h- ìosal a’ toirt mìneachadh nas mionaidiche orra airson bliadhna 1 (2022/23). Bidh tuilleadh loidhnichean-tìm air am mìneachadh ann an aithisgean san àm ri teachd agus
Page 6
gheibhear iad ann am PG Shiorrachd Lannraig a Tuath, air làrach-lìn Shiorrachd Lannraig a Tuath. 2.6 Airson seisean foghlaim 2022/23, sholaraich an t-seirbheis dreuchd sealach ESO 1+2 (Gàidhlig) a bharrachd. B’ e raon-ùghdarrais an neach-dreuchd seo taic a thoirt do leasachadh a’ PhG agus na tairgsean Gàidhlig uile-choitcheann thar gach ionad. Tha an dealas seo a thaobh Foghlam Gàidhlig agus tuilleadh leasachaidh air sàr eòlasan ionnsachaidh thar gach raon de dh'ionnsachadh na Gàidhlig air leantainn airson seisean 2023/24. Thèid seo a mhaoineachadh le maoineachadh meadhain Shiorrachd Lannraig a Tuath. 2.7 Tha an clàr gu h-ìosal ag innse teachd-a-steach agus caiteachas thabhartasan sònraichte Gàidhlig (GSG) thar nan 4 bliadhna a dh’fhalbh agus thar-chaiteachas a tha a’ sìor èirigh co-cheangailte ris an t-solar seo: Bliadhna Ionmhais Tabhartas Riaghaltais (£) Bun- mhaoineachadh na Comhairle (£) Maoineachadh Iomlan (£) Caiteachas (£) Thar- chaiteachas (£) 2019/20 260,000 182,333 442,333 472,116 - 29,783 2020/21 260,000 182,333 442,333 503,776 - 61,443 2021/22 265,000 177,333 442,333 617,776 - 175,443 2022/23 260,000 182,333 442,333 814,728 - 372,395 2.7.1 Mar a chithear sa chlàr gu h-àrd, tha thar-chaiteachas air gnìomhachd na Gàidhlig air a bhith a’ dol am meud thar nan 4 bliadhna a dh’fhalbh agus tha e na uallach ionmhasail leantainneach san t-Seirbheis. Anns na bliadhnachan mu dheireadh tha caiteachas air a dhol suas gu ìre mhòr mar thoradh air àrdachadh ann an cosgaisean còmhdhail. Luachadh air Foghlam Gàidhlig Stèidhich Buidheann Leasachaidh na Gàidhlig agus buidheann Phàrantan Cruinnich dàta bun- loidhne airson foghlam Gàidhlig an- dràsta Dàta clàrachaidh làithreach airson FMG ann an Siorrachd Lannraig a Tuath Ciad leasachaidhean sa churraicealam airson foghlam Gàidhlig, a’ gabhail a- steach Sgoil Dhidseatach. Dàta bun-loidhne air cothroman slighe- ionnsachaidh do chlann agus daoine òga ann am FMG Tòisich air pròiseas dealbhadh leudachaidh airson FMG ann an Siorrachd Lannraig a Tuath
Page 7
2.7.2 Is e £260,000 an tabhartas a thathar a' moladh bho Riaghaltas na h-Alba airson seisean 2023/24. Tron phròiseas tagraidh bliadhnail airson GSG, tha an t-Seirbheis air àrdachadh airgid iarraidh ach chan eil iad air a bhith soirbheachail gu ruige seo. 2.7.3 Tha an t-Seirbheis air goireasan a chomharrachadh taobh a-staigh a’ chuibhrinn de mhaoineachadh a bharrachd do thidsearan is luchd-taic gus luchd-obrach FMG a chur am meud gu sealach sa bhliadhna acadaimigeach 2023/24. Ach mar a chithear ann an earrann 2.8.4 gu h-ìosal, tha dùbhlain nàiseanta ann a thaobh fastadh ann am FMG. Cur ri Cleachdadh agus Ionnsachadh na Gàidhlig 2.8 B’ e prìomh obair a’ PhG sa chiad bhliadhna buidheann buileachaidh a’ phlana Ghàidhlig a stèidheachadh agus a chumail a' dol le àrd-riochdairean bho gach roinn den Chomhairle. Is e amas Buidheann Leasachaidh na Gàidhlig, a bhios a' coinneachadh gach ràithe, cunntas a thoirt air adhartas a thaobh buileachadh a' phlana thar nan raointean seirbheis. 2.8.1 Is e aon de na h-amasan àrd-ìre aig a’ PhG an-dràsta: aontachadh gun tèid àrainn 3- 18 tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh taobh a-staigh Sgìre na Comhairle. Dh’fheumadh stèidheachadh mòr-ionad 3-18 a bhith air a cho-thaobhadh ri modail obrachaidh mòr-ionadan baile na Comhairle agus an leasachadh san amharc. 2.8.2 Leanadh plana na seirbheis gus solar FMG a leudachadh ro leasachadh mòr-ionad 3- 18, le bhith a’ leasachadh modal mòr-ionaid agus saidealan air feadh nan sgìrean ionadail. Chithear seo gu h-ìosal. Bhiodh leudachadh sam bith air an t-solar a’ leantainn pròiseasan co-chomhairle foirmeil agus air a dheasbad leis a’ Bhuidhinn Co-chomhairle Phàrantan Gàidhlig, a chaidh a stèidheachadh an seisean seo mar phàirt den PhG. Tha Pàipear-taice 2 a' sealltainn nan iarrtasan a chaidh tro na sgoiltean, gu gach pàrant aig a bheil clann ann am FMG. 2.8.3 Bidh gainnead luchd-teagaisg fo dhearbhadh (FMG); dùbhlain ann a bhith a’ fastadh thidsearan Gàidhlig/planadh leantainneachd, comas san t-siostam gus gabhail ris an trèanadh a tha a dhìth uile a' toirt buaidh air leudachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chan eil na cùisean sin sònraichte do Shiorrachd Lannraig a Tuath, ach tha Stèidheachadh ionad fa leth airson foghlam tràth- bhliadhnaichean agus bun-sgoile FMG ann an sgìre Chomar nan Allt Lean air adhart le solar àrd-sgoile aig Àrd-sgoil Greenfaulds Ro Lùnastal 2024 Leasachadh air ionad Tràth-bhliadhnaichean agus Bun-sgoile FMG taobh a-staigh Solar foghlaim Beurla làithreach anns an Sgìre Mheadhain Ro Lùnastal 2025 Leasachadh air ionad Tràth-bhliadhnaichean agus/no Bun-sgoile FMG taobh a-staigh Solar foghlaim Beurla làithreach anns an Sgìre a Deas Ro Lùnastal 2026 Leasachadh mòr-ionad 3-18, a rèir mòr-ionad baile.
Page 8
iad gu sònraichte buntainneach. Tha aithneachadh nan dùbhlan sin a’ cuideachadh le planadh agus a’ toirt cothrom dhuinn ar goireasan uile a phrìomhachasadh agus a stiùireadh gu h-èifeachdach. 2.8.4 Tha duilgheadasan sgioba-obrach air an comharrachadh gu nàiseanta ann an artaigilean foghlaim. Tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèanamh tuilleadh beachdachaidh air na puingean a chaidh a thogail. Mar fhreagairt don artaigil le Foxley agus Roberston thuirt iad: “Tha tidsearan Gàidhlig deatamach don t-soirbheachas seo agus is e sin as coireach gu bheil sinn a’ leantainn air adhart ag obair le raon de chom-pàirtichean, a’ gabhail a- steach Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba (GTCS), ionadan ciad-fhoghlam thidsearan agus Bòrd na Gàidhlig, gus slighean a chruthachadh, leithid teisteanas ùr teagaisg Gàidhlig a bharrachd aig Oilthigh Shrath Chluaidh, dhaibhsan a tha airson a dhol a-steach don roinn.” 2.8.5 Tha na slighean ionnsachaidh do dhaoine òga a tha mar phàirt de thairgsean a bharrachd agus tairgsean dian-ionnsachaidh de FMG a’ nochdadh astar agus adhartas tron ionnsachadh. Tha na trì clàran gu h-ìosal a’ sealltainn adhartas dhaoine òga ann an Greenfaulds an-dràsta. Tha iad seo ag innse nan trì seòrsaichean luchd- ionnsachaidh, fileantaich, luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cuspairean FMG san fharsaingeachd. Clàr 1 fileantaich Bliadhna Iomlan na bliadhna CfE (BGE) N4/5 Àrd-Ìre Àrd-ìre Adhartach AS1 12 12 AS2 17 17 AS3 13 8 5 AS4 17 12 5 AS5 4 3 1 AS6 3 3 Iomlai n 66 37 17 11 1 Clàr 2 Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig Bliadhna Iomlan na bliadhna CfE (BGE) N4/5 Àrd-Ìre Àrd-ìre Adhartach AS1 9 9 AS2 9 9 AS3 5 5 AS4 1 1 AS5 1 1 AS6 - Iomlai n 25 23 1 1
Page 9
Clàr 3 Cuspairean Foghlam Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh nach eil a’ leantainn Curraicealam FMG Bliadhna Iomlan na bliadhna CfE (BGE) N4/5 Àrd-Ìre Àrd-ìre Adhartach AS1 AS2 AS3 AS4 1 Eachdraidh 1 Ealain AS5 AS6 Iomlain 2 2.8.6 Tha an dàta ceann-uidhe fàgail làithreach airson Àrd-sgoil Greenfaulds, a’ sealltainn gun deach 12 de na 14 luchd-fàgail airson seisean 2021/22 a-steach gu ceann-uidhe adhartach. Tha na daoine òga sin uile an-dràsta a’ fuireach ann an roinnean Clàr Ioma- bhochdainn na h-Alba (SIMD) 5-9. Bha 3 luchd-fàgail ann an SIMD 1-3, tha aon air a dhol air adhart gu foghlam adhartach foghlam adhartach agus ann am foghlam àrd-ìre. 2.8.7 Thèid dealas Foghlaim gus dèanamh cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig na cànan beothail a gheibh daoine òga cothrom co-ionann ionnsachadh, air a leasachadh aig ìre solair uile-choitcheann agus a bharrachd. An-dràsta tha Foghlam air suirbhidh cànain a chur a-mach chun a h-uile ionad. Innsidh seo an suidheachadh bunaiteach às dèidh galar lèir-sgaoilte COVID agus na h-ùine ath-bheothachaidh a lean. Thèid an dàta seo a chleachdadh gus tuilleadh fiosrachaidh a thoirt do na h-ath cheumannan ann am foghlam agus eòlasan ionnsachaidh Gàidhlig ar daoine òga. 2.8.8 Bidh prìomh àite aig Sgoil Dhidseatach Shiorrachd Lannraig a Tuath ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman ionnsachaidh Gàidhlig air am meudachadh san fharsaingeachd. A bharrachd air sin, leasaichidh iad le ESO sàr ghoireasan Gàidhlig airson an cleachdadh aig gach ìre de dh’fhoghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath. Le clasaichean didseatach gan cur a-steach an-dràsta thar nan 23 àrd- sgoiltean uile ann an Siorrachd Lannraig a Tuath, thèid an comas airson Ionnsachadh Gàidhlig aig ìre a bharrachd a chur am meud. A’ toirt comas dhaibhsan, gu sònraichte aig ceann shuas na h-àrd-sgoile, na slighean ionnsachaidh aca a leasachadh ann am foghlam Gàidhlig. A’ cur air Adhart Ìomhaigh Adhartach den Chànan 2.9 Is e an treas prìomh ghealladh aig Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath sa PhG, ìomhaigh adhartach den Ghàidhlig a chur air adhart. Rè Seachainn na Gàidhlig chaidh sreath de thachartasan coimhearsnachd a chumail air feadh an ùghdarrais. Fhuaras deagh bheachdan air ais mu na tachartasan. “Àrainneachd shocair, chàirdeil, brosnachadh don h-uile duine aig ìre sam bith den turas Ghàidhlig aca. Air leth toilichte leis an tachartas seo, bhiodh e math don Choimhearsnachd barrachd a bhith aca!”
Page 10
2.9.1 Bha deagh bhuaidh aig an t-sanas ‘Carson Gàidhlig?’ a rinn Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLD) a ghabhas tomhas le luchd-ionnsachaidh inbheach air an liosta feitheimh an-dràsta. Tha CLD air comharrachadh gum biodh leudachadh air a’ phrògram a’ toirt a-steach oidean Gàidhlig. Thèid maoineachadh airson seo a shireadh tro Bhòrd na Gàidhlig. 2.9.2 Tha iomairt brosnachaidh ga leasachadh an-dràsta gus 25 bliadhna de dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath a chomharrachadh. Bidh an iomairt a’ mìneachadh agus a’ comharrachadh nan trì prìomh ghealltanasan ann am Plana Gàidhlig Chomhairle Lannraig a Tuath agus a’ toirt seachad fiosrachadh spreigeach mu shlighean gu foghlam Gàidhlig. Bidh an goireas ruigsinneach seo mar phàirt den obair leantainneach gus a’ Ghàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath an- diugh a chomharrachadh agus buannachdan dà-chànanais. 2.9.3 Mar phàirt de na h-iomairtean branndadh corporra aca, tha Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath air a’ Ghàidhlig a thoirt a-steach don t-suaicheantas aca gus follaiseachd co-ionann a riochdachadh don Ghàidhlig agus don Bheurla. Bidh Buidheann Leasachaidh na Gàidhlig a-nis a’ rannsachadh chothroman gus seo a leasachadh. 2.9.4 Tha làrach-lìn Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath air ùrachadh le duilleag shònraichte air ionnsachadh agus solar na Gàidhlig air feadh an ùghdarrais. Tha an duilleag-lìn ag innse nam buannachdan a tha an lùib dà-chànanas do chlann agus a’ stiùireadh dhaoine gu tuilleadh rannsachaidh. Bidh sgoiltean a tha a’ tabhann Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd gu cunbhalach a’ postadh susbaint sa Ghàidhlig. Is e an t-amas an uiread de shusbaint Ghàidhlig air na meadhanan sòisealta àrdachadh 5% gach bliadhna. 2.9.5 Tha luchd-oideachaidh CLD gu h-iomlan an-dràsta a’ lìbhrigeadh chlasaichean aig ìre Tòiseachaidh, Eadar-mheadhanach agus Adhartach do 75 neach-ionnsachaidh clàraichte. Bithear a’ lìbhrigeadh chlasaichean gu pearsanta agus air-loidhne, a’ cleachdadh Microsoft Teams. Tha 41 neach a’ feitheamh ri clas Gàidhlig nuair a bhios cothrom ann. A bharrachd air sin chaidh clas ùr a thòiseachadh o chionn ghoirid stèidhichte aig Bun-sgoil Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig Chon-dobhrait, ag amas air pàrantan cloinne ann am FMG; an-dràsta tha deichnear phàrantan clàraichte sa chlas seo. 2.9.6 Bidh a h-uile clas a’ ruith gach seachdain agus a’ cleachdadh nan Goireasan ‘Speak Gaelic’, a chaidh a leasachadh le Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Nàiseanta na Gàidhlig. Tha planaichean a’ dol air adhart an-dràsta airson cearcall còmhraidh, a choinnicheas gach mìos an toiseach, a’ toirt cothrom nas fheàrr do luchd- ionnsachaidh na sgilean Gàidhlig aca a chleachdadh ann an suidheachadh nas neo- fhoirmeil. 2.9.7 A bharrachd air na cothroman ionnsachaidh, bidh an sgioba a’ cur air dòigh tachartasan coimhearsnachd gus cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh agus adhartachadh. Anns a’ bhliadhna a chaidh seachad, tha seo air a bhith a’ toirt a- steach cuirm-chnuic coimhearsnachd airson gach aois san Lùnastal 2022, Fèis Lannraig a’ Tuath a tharraing còrr is 50 com-pàirtiche, Latha Gàidhlig, Àm airson na Gàidhlig, sa Ghearran 2023, a bha na phàirt de Sheachdain na Gàidhlig, a bharrachd air cuirm-chiùil san aon sheachdain leis an t-seinneadair Ghàidhlig chliùiteach Joy Dunlop. Chaidh bùth-obrach eile a lìbhrigeadh leis an sgrìobhadair Maya NicGriogair a tha a’ sgrìobhadh tro mheadhan na Gàidhlig. Chaidh a’ bhùth-obrach a lìbhrigeadh aig Àrd-sgoil Greenfaulds san Aonad Meadhain-Ghàidhlig, do sgoilearan aig diofar
Page 11
ìrean de dh’ionnsachadh na Gàidhlig, a’ cuimseachadh air sgilean sgrìobhaidh agus sgrìobhadh cruthachail; chaidh seo a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. 2.9.8 Tro Bhuidheann Leasachaidh na Gàidhlig, bidh loidhne-tìm aig seirbheisean taobh a- muigh foghlaim gus na prìomh ghnìomhan co-cheangailte ris a’ phlana Ghàidhlig a leasachadh. Na h-Ath Cheuman 2.10 Mar a chaidh a mhìneachadh san aithisg, tha Foghlam, Clann agus Teaghlaichean air na h-ath cheuman sònraichte a chomharrachadh a leasaicheas raon de thaobhan den PhG agus a nì cinnteach gu bheil a’ Ghàidhlig fhathast ga meas na cànan beothail an latha an-diugh a bheir comas do ar n-òigridh slighean nas fharsainge a leasachadh gu ionnsachadh, beatha agus obair. Bidh co-chomhairle le pàrantan aig cridhe leasachadh a’ PhG agus leudachadh air a’ Ghàidhlig. Coinnichidh a’ Bhuidheann Co- chomhairle Phàrantan ùr gach teirm le prìomh oifigearan gus co-chomhairle agus aithris a dhèanamh air a’ phlana. Bidh seo a bharrachd air co-chomhairle san sgoil agus co-chomhairle reachdail sam bith a tha riatanach fon lagh tro leudachadh air solar FMG. 2.10.1 Thèid aithisg a thoirt don chomataidh san àm ri teachd, a' toirt làn chunntas air adhartas a' PhG agus leudachadh air ionnsachadh na Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath. 2.11 Lean air adhart a’ leasachadh co-obrachadh le Comann nam Pàrant, gus cothroman Gàidhlig a chur am meud do chlann is do dhaoine òga agus an teaghlaichean. A’ cleachdadh ionadan FMG gus prìomh thachartasan a chumail agus taic a thoirt dhaibh, a tha a’ comharrachadh deagh ìomhaigh na Gàidhlig agus na cothroman ionnsachaidh ann an Siorrachd Lannraig a Tuath. 3. Slatan-tomhais airson soirbheas 3.1 Leantainn air adhart a’ leasachadh sàr Fhoghlam Gàidhlig mar chànan beothail an latha an-diugh do chlann agus daoine òga Shiorrachd Lannraig a Tuath. 3.2 Cur am meud obair shaor-thoileach agus cothroman ionnsachaidh nas fharsainge don òigridh air fad, gu sònraichte an fheadhainn aig ceann shuas na h-àrd-sgoile ann an Àrd-sgoil Greenfaulds. 3.3 Lìbhrigeadh a’ PhG agus na h-amasan àrd-ìre agus prìomh ghnìomhan co-cheangailte ris a tha air am mìneachadh sa phlana. 4. Sgrìobhainnean taice 4.1 Pàipear-taice 1 – Plana Gàidhlig Shiorrachd Lannraig a tuath 2022-2027 - Measadh (Teamplaid 2019) (northlanarkshire.gov.uk) 4.2 Pàipear-taice 2 – Buidheann Co-chomhairle Phàrantan Gàidhlig Gerard McLaughlin Àrd-oifigear (Foghlam - Tuath)
Page 12
5. Buaidhean ( http://connect/report-template-guidance ) 5.1 Dleastanas Co-ionannachd na Roinne Poblaich agus Dleastanas Alba nas Cothromaiche A bheil fiosrachadh san aithisg a bheir buaidh mar thoradh air Dleastanas Co- ionannachd na Roinne Poblaich agus/no Dleastanas Alba nas Cothromaiche? Tha ☐ Chan eil ☒ Ma tha, thoir seachad geàrr-chunntas goirid air a’ bhuaidh Ma tha, an deach measadh a dhèanamh agus fhoillseachadh air làrach-lìn na comhairle? https://www.northlanarkshire.gov.uk/your- community/equalities/equality-and-fairer-scotland-duty-impact-assessments Chaidh ☐ Cha deach ☐ 5.2 Buaidh ionmhasail A bheil buaidh ionmhasail sam bith san aithisg? Tha ☒ Chan eil ☐ Ma tha, an deach a h-uile buaidh ionmhasail iomchaidh a dheasbad agus aontachadh le Ionmhas? Chaidh ☒ Cha deach ☐ Ma chaidh, thoir seachad geàrr-chunntas goirid air a’ bhuaidh Tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad maoineachadh bliadhnail tro Thabhartas Sònraichte na Gàidhlig (2023/24 £260,000) agus Tabhartas Ionmhais Coitcheann (2023/24 £87,000). Feumaidh an t-Seirbheis taic a thoirt don chothromachadh maoineachaidh a tha a dhìth gus am prògram Gàidhlig a chumail a’ dol, a’ gabhail a-steach cosgaisean còmhdhail. Tha an t-Seirbheis cuideachd a’ cleachdadh maoineachadh nàiseanta luchd- teagaisg agus luchd-taic gus àrdachadh sealach a thoirt air an àireamh de luchd- obrach stèidhichte san sgoil agus gus ESO a chur an sàs ann an 2023/24. 5.3 Buaidh poileasaidh HR A bheil buaidh air poileasaidh no modhan-obrach HR sam bith san aithisg? Tha ☒ Chan eil ☐ Ma tha, , an deach bruidhinn mu dheidhinn agus aontachadh le Goireasan Daoine? Chaidh ☒ Cha deach ☐ Ma chaidh, thoir seachad geàrr-chunntas goirid air a’ bhuaidh Feumar luchd-obrach a bharrachd airson seisean 2023/24 ionann ri 4.2 FTE airson Greenfaulds, tha seo air a dhèanamh suas de 2.6 luchd-obrach a leigeas leis an t-seirbheis coinneachadh ri feumalachdan a’ churraicealaim, neach-obrach a tha air crìoch a chur air bogadh am-bliadhna a shuidheachadh agus neach- dearbhaidh crìochnachaidh a chumail. Tha neach-dearbhaidh 0.8 airson Con-dobhrait agus an 1 FTE co-ionann eadar Màrt agus Ògmhios 2024, a’ leigeil leis an t-seirbheis an neach-dearbhaidh crìochnachaidh a chumail, a bhios ag obair eadar 23 Lùnastal agus 24 Màrt a’ còmhdach fòrladh Màthaireachd. Tha a h-uile càil a bharrachd airson ùine aontaichte 1 bliadhna chun Ògmhios 2024. Tha an t-seirbheis air comharrachadh sa phàipear na dùbhlain a tha ann a thaobh fastadh gu taobh FMG ann am Foghlam Gàidhlig. Bidh seo fhathast na dhùbhlan agus na dhuilgheadas do leasachadh solair san àm ri teachd. 5.4 Buaidh laghail A bheil buaidhean laghail sam bith san aithisg (leithid cùisean laghail coitcheann, cùisean reachdail (a’ gabhail a-steach cùisean lagh cosnaidh), no reachdas ùr)? Tha ☒ Chan eil ☐
Page 13
Ma tha, an deach a h-uile buaidh laghail iomchaidh a dheasbad agus aontachadh leis Lagh agus Deamocratach? Chaidh ☒ Cha deach ☐ Ma chaidh, thoir seachad geàrr-chunntas goirid air a’ bhuaidh Tha còmhraidhean air tòiseachadh le Lagh mu cho-chomhairlean reachdail sam bith a dh’fhaodadh a bhith riatanach mar thoradh air leudachadh seirbheis. 5.5 Buaidh Dìon Dàta A bheil an aithisg / pròiseact / cleachdadh a’ toirt a-steach pròiseasadh dàta pearsanta? Tha ☐ Chan eil ☒ Ma tha, a bheil e coltach gun adhbharaich pròiseasadh an dàta phearsanta seo cunnart mòr do chuspair an dàta? Tha ☐ Chan eil ☒ Ma chaidh, an deach Measadh Buaidh Dìon Dàta (DPIA) a dhèanamh agus a chur air post-d gu dataprotection@northlan.gov.uk Chaidh ☐ Cha deach ☐ 5.6 Buaidh Teicneòlach/Didseatach A bheil fiosrachadh anns an aithisg a bheir buaidh air teicneòlas, cruth- atharrachadh didseatach, ath-dhealbhadh seirbheis / pròiseasan atharrachadh gnìomhachais, riaghladh dàta, no ceangal / bann-leathann / Wi-Fi? Tha ☐ Chan eil ☒ Ma tha, thoir seachad geàrr-chunntas goirid air a’ bhuaidh Far a bheil a’ bhuaidh a’ comharrachadh gu bheil feum air atharrachadh mòr ann an teicneòlas, an deach measadh a dhèanamh (no a bheilear an dùil a dhèanamh) leis a’ Bhuidhinn Riaghlaidh Iomairt Ailtireachd (EAGG)? Chaidh ☐ Cha deach ☒ 5.7 Buaidh Àrainneachdail/Carboin A bheil fiosrachadh anns an aithisg / pròiseact / cleachdadh a bheir buaidh air cùisean àrainneachdail no carboin? Tha ☒ Chan eil ☒ Ma tha, thoir seachad geàrr-chunntas goirid air a’ bhuaidh 5.8 Buaidh conaltraidh A bheil fiosrachadh sam bith san aithisg a thug buaidh air gnìomhan conaltraidh na comhairle? Tha ☐ Chan eil ☒ Ma tha, thoir seachad geàrr-chunntas goirid air a’ bhuaidh 5.9 Buaidh cunnairt A bheil buaidh cunnairt ann? Tha ☒ Chan eil ☐ Ma tha, thoir geàrr-chunntas goirid air na prìomh chunnartan agus buaidhean a dh’fhaodadh a bhith ann, a’ comharrachadh far a bheil na cunnartan air am measadh agus air an clàradh (m.e. Clàran Cunnairt Corporra no Seirbheis no Pròiseict), agus mar a tha iad air an riaghladh? Is iad na prìomh chunnartan a tha air an comharrachadh sa phàipear an fheadhainn ann an ionmhas agus Goireasan Daonna, agus mura h-urrainnear dèiligeadh riutha bhiodh buaidh air ruith foghlam Gàidhlig ann an Siorrachd Lannraig a Tuath. Thèid seo a chur ris a’ chlàr chunnartan seirbheis.
Page 14
5.10 Dleastanas Cùmhnant nam Feachdan Armaichte Am feum an aithisg aire a thoirt do Dhleastanas Cùmhnant nam Feachdan Armaichte (sin, a bheil e a’ buntainn ri cùram-slàinte, taigheadas, no seirbheisean foghlaim airson luchd-obrach in-sheirbheis no iar-sheirbheis, no an teaghlaichean, no banntraichean)? Feumaidh ☐ Chan fheum ☒ Ma dh’fheumas, thoir geàrr-chunntas goirid den ullachadh a rinneadh gus dèanamh cinnteach gun deach beachdachadh iomchaidh a dhèanamh air feumalachdan sònraichte coimhearsnachd nam Feachdan Armaichte gus nach bi iad fo ana-cothrom an taca ri saoranaich eile ann an solar sheirbheisean poblach.
Page 15
Pàipear-taice 2 Buidheann Co-chomhairle Phàrantan Gàidhlig